Cuairt Chaluim Chille Ìle St Columba Travels To Islay Opening, Islay Gaelic Centre, Àdhamh Ó Broin, 27Th October, Credit CHARTS (4)

CHARTS Gaelic Development

Gaelic (English below)

​​Tha CHARTS moiteil às a bhith a’ cur taic ri dualchas na Gàidhlig tron obair aig Oifigear Cultair Ghàidhlig againn Àdhamh Ó Broin, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS an ceannas air tionnsgnaidhean an lùib na Gàidhlig agus a’ dearbhadh gu bheil Gàidhlig air a neadachadh thairis air clàr-obrach CHARTS, a rèir Plana Gàidhlig Earra-Ghàidheal agus Bhòid agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023 gu 2028 aig Bòrd na Gàidhlig. 

Tha Àdhamh Ó Broin na Ghàidheal le sinnsearachd eadar Èireannach is Albannach a chaidh a thogail ann an tìr-mòr Earra-Ghàidheal agus Glaschu. Bho thòisich e aig CHARTS ann an 2022, tha Àdhamh air a bhith ag obair le luchd-ealain, buidhnean-dualchais, agus coimhearsnachdan-cànain gus gnìomhadh ro-innleachdail Gàidhlig a chur ri chèile. Tha seo a’ gabhail a-steach taic ri duaisean, a’ cumail thaisbeanaidhean, agus a’ cur ri com-pàirteachas ionadail is eadar-nàiseanta, Foras na Gaeilge agus Sgoil Tionnsgalachd is Teicneòlais Sgoil-ealain Ghlaschu nam measg.  

Euchd o chionn ghoirid, is e Cuairt Chaluim Chille, taisbeanadh a’ tadhal air feadh Earra-Ghàidheal air dìleab Chaluim Chille air a chur ri chèile le taighean-tasgaidh ann an Dùn nan Gall agus Doire Chaluim Chille. Tha an taisbeanadh air dualchas nan Gàidheal a thoirt gu coimhearsnachdan air feadh Earra-Ghàidheal agus thàinig e gu ceann ann an Eilean Idhe 8 Ògmhios 2024, Là Chaluim Chille.

Tha CHARTS a’ cumail orra a’ lìbhrigeadh thachartasan cultarail Gàidhlig le com-pàirtichean air feadh na roinne. Am measg euchdan na bliadhna tha:

A’ coimhead air adhart gu 2025/26, tha CHARTS a’ leasachadh Ro-innleachd Chultarail Ghàidhlig, le dreachd air a nochdadh aig Cruinneachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal 2024  ann an Tallachan a’ Chorrain san Òban.

Cuir fios gu Àdhamh aig gaelic@chartsargyllandisles.org

Tha an dreuchd seo ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

English

​​CHARTS is proud to champion Gaelic culture through the work of our Oifigear Cultair Ghàidhlig Àdhamh Ó Broin, supported by Bòrd na Gàidhlig and Argyll and Bute Council. CHARTS Oifigear Cultair Ghàidhlig leads Gaelic-related projects and ensures Gaelic is embedded across CHARTS’ programmes, in line with the Argyll and Bute Gaelic Language Plan and Bòrd na Gàidhlig’s National Gaelic Language Plan 2023-2028.

Àdhamh Ó Broin is a Gael of mixed Irish and Scottish Highland ancestry, brought up between mainland Argyll and Glasgow. Since joining CHARTS in 2022,  Àdhamh has worked with artists, heritage groups and language communities to develop strategic Gaelic activity. This includes supporting awards, curating exhibitions, and building local and international partnerships, including Foras na Gaeilge and The School of Innovation and Technology at Glasgow School of Art. 

A recent highlight is Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba, an Argyll-wide touring exhibition on the legacy of Colmcille, developed in partnership with museums in Donegal and Derry. The tour has brought Gaelic heritage to communities across Argyll and completed its journey in Iona on 9 June 2024, St Columba’s Feast Day.

CHARTS continues to deliver Gaelic cultural events with partners across the region. Annual highlights include:

Looking ahead to 2025/26, CHARTS is developing a dedicated Gaelic Culture Strategy, with a draft presented at the Argyll Gaelic Gathering 2024  at the Corran Halls, Oban.

Get in touch with Àdhamh at gaelic@chartsargyllandisles.org

This role is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council

See our full staff A-Z

Projects