Air iasad bho Thaigh-tasgaidh Sgìre Thìr Chonaill, Èirinn, tha Cuairt Chaluim Chille air taisbeanadh don chiad uair ann an Alba. Chaidh an turas seo fad bliadhna a chur air bhog ann an Ceann Loch Chille Chiarain 9 Ògmhios 2023, Là Chaluim Chille.
Tha Cuairt Chaluim Chille ga cruthachadh le Còmhdhail Cultair, Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal agus nan Eilean (CHARTS), le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Chaidh an com-pàirteachas dàna seo eadar Earra-Ghàidheal agus Èirinn a chur air chomas le taic còmhla bho Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge gus cur ris na ceanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba a dh’èirich à bliadhna Chaluim Chille 1500. Bheir an pròiseact seo le CHARTS a-steach buidhnean-obrach agus tachartasan le cothroman do luchd-ealain is luchd-cruthachaidh ann an Gàidhlig is Gaeilge dol an sàs.
Eachdraidh Taisbeanadh Chaluim Chille
Tha an Taisbeanadh seo a’ comharrachadh beatha is dìleab Chaluim Chille agus chaidh a nochdadh air feadh Èireann ann an 2021, a’ comharrachadh 1500 bliadhna bho bhreith Chaluim Chille. Don chiad uair, tha an taisbeanadh a’ tighinn a dh’Alba agus e air iasad coibhneil bho Thaigh-tasgaidh Thìr Chonaill gus dol mun cuairt Earra-Ghàidheal rè 2023/24. Tadhlaidh an taisbeanadh air ionadan cudromach ann an Earra-Ghàidheal thairis air a’ bhliadhna romhainn le raon farsaing de thachartasan Gàidhlig.
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu obair Ghàidhlig CHARTS, nach tadhail thu air Leasachadh Gàidhlig againn a choinneachadh ri Oifigear na Gàidhlig againn.
Facal-toisich: Air Là Chaluim Chille, 9 Ògmhios 2023, chomharraich CHARTS bogadh Cuairt Chaluim Chille aig Taigh-tasgaidh Cheann Loch Chille Chiarain. Le measgachadh de cheòl agus de bhàrdachd Ghàidhlig is Ghaeilge le luchd-ealain air aoigheachd às Earra-Ghàidheal agus Èirinn.