TURAS 2022, Credit Mark Neal (1)

CHARTS Gaelic Development

English Below

Tha CHARTS moiteil gu bheil Oifigear Cultair Ghàidhlig aca, Àdhamh Ó Broin, ris a bheil an obair uile an luib na Gàidhlig an urra. Chaidh dreuchd an Oifigeir Chultair Ghàidhlig a chruthachadh gus na h-amasan bunaiteach a-réir Plana Gàidhlig Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu buill.

Tha Àdhamh na Ghàidheal aig a bheil dùthchas Gàidhealach na h-Alba agus na h-Éirinn agus a chaidh a thogail eadar tir-mór Earra-Ghàidheal agus Glaschu. Mar Chomhairliche Gàidhlig, riochdaire-film, sgrìobhadair, Fear an Taighe agus ceòladair le iomadh inneal-ciùil, tha Àdhamh air a bhith an lùib nan ealain fad a bheatha na inbheach agus e na neach-labhairt, na sheinneadair agus na sheanchaidh dealasach Gàidhlig. Tha ùidh gu sònraichte aige ann an Gàidhlig mar cheangal cultarail, ealain agus spioradail ri nàdar agus ri dreach-tìre Earra-Ghàidheal agus tha e an dòchas gun téid aige air drochaid a chruthachadh a-steach dhan raon sin do dh’iomadach seòrsa de luchd-ealain ag obair san sgìre agus ann an àiteachan eile.

Ré 2022 agus 2023, tha Àdhamh air a bhith ag obair gus taic a chur ri muinntir CHARTS le bhith a’ cur air dòigh thaisbeanaidhean, a’ cumail ’s a’ frithealadh thachartasan le caochladh bhuidhnean-coimhearsnachd is bhuidhnean-cànain agus a’ cruthachadh cheanglaichean taobh Earra-Ghàidheal agus thall thairis.

Tha Cuairt Chaluim Chille air a bhith na chlach-oisein do dh’obair Ghàidhlig CHARTS, turas de thaisbeanadh mu dhéidhinn beatha Chaluim Chille a chaidh a chur air dòigh an toiseach le Taigh-tasgaidh Dhùn nan Gall ’s Taigh-tasgaidh Thùr Dhoire.  Tha an taisbeanadh air a bhith aig teas-meathan gnìomh na Gàidhlig ré na slighe eadar Éireann ’s Ceann Loch, far an deach e a-null gu Ìle, mus do thill e don tìr-mhór taobh Thaigh-thasgaidh Chille Mhàrtainn.  Cuiridh Cuairt Chaluim Chille crìoch air an turas seo ann an Eilean Ì san 9mh latha den Òg-Mhìos 2024, Latha Chaluim Chille fhéin.

Bidh Àdhamh ag obair gu cunbhalach air leasachadh cànan ’s cultar na Gàidhlig ann an 2024, a’ gabhail a-steach Ro-innleachd Chultair Ghàidhlig CHARTS, a bhios ri fhaicinn mar dhreach aig Cruinneachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal 2024 ann an Tallaichean a’ Chorrain san Óban.

 

Cuir fios gu Àdhamh aig gaelic@chartsargyllandisles.org


Tha an dreuchd seo ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

CHARTS is proud to have a dedicated Oifigear Cultair Ghàidhlig / Gaelic Culture Officer,  Àdhamh Ó Broin, who oversees all Gaelic-related projects and works closely with the CHARTS team to embed Gaelic across our programmes. The role of Oifigear Cultair Ghàidhlig is designed to meet key cultural objectives aligned with the Argyll and Bute Gaelic Language Plan and Bòrd na Gàidhlig’s National Gaelic Language Plan 2023-2028.

Àdhamh Ó Broin is a Gael of mixed Irish and Scottish Highland heritage, brought up between mainland Argyll and Glasgow. As a Gaelic Consultant, film producer, writer, MC and multi-instrumentalist composer, Àdhamh has been involved in the arts his entire adult life and is a passionate Gaelic speaker, singer and tradition bearer. He is particularly interested in Gaelic as a cultural, artistic and spiritual interface with the natural world and with the landscape of Argyll, and hopes to be able to provide a bridge into that realm for all kinds of artists working across the area and beyond.

Since 2022, Àdhamh has worked to support CHARTS members by setting up exhibitions, hosting and attending events with community and language groups and creating local and international connections. 

One of the main focuses of CHARTS Gaelic work has been  Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba, which features an exhibition on the life of the Colmcille, originally commissioned as a joint project between County Donegal Museum, Donegal and Tower Museum, Derry.  The exhibition has served as a focal point for Gaelic activity during its journey from Ireland to Campbeltown, from where it went across to Islay before arriving back on the mainland at Kilmartin Museum.  Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba will complete its tour on Saint Columba's Feast Day, 9 June 2024, on Iona. 

Àdhamh is continuously working towards developing Gaelic language and culture in 2024, including CHARTS’ Gaelic Culture Strategy, a draft of which will be available at the upcoming Argyll Gaelic Gathering 2024 at the Corran Halls in Oban. 

 

Get in touch with Àdhamh at gaelic@chartsargyllandisles.org

This role is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council

 

See our full staff A-Z

Projects