Thomas Keyes
Tha Tòmas na neach-ealain agus na neach-rannsachaidh a tha an obair aige a’ toirt còmhla dà sheòrsa de sgrìobhadh litrichean: cultar àrsaidh nan làmh-sgrìobhainnean Gàidhealach agus graffiti an latha an-diugh. Agus e air oideachadh ann an sgrìobhadh graffiti agus mar sgoilear a’ sealltainn air làmh-sgrìobhainnean nan Eilean, bidh e a-mach air a’ cheangal eadar na ciùird seo, a’ rannsachadh am brìgh agus an eachdraidh chultarail. Mar phrìomh neach-ciùird air pròiseact Stories on Skins, bidh Tòmas a’ cruthachadh làmh-sgrìobhainnean dathte agus a’ co-obrachadh le sgoilearan Gàidhlig. Tha an obair aige a’ gabhail a-steach pròiseactan co-obrachaidh mar choimisean Leabhar Bhaile a’ Mhòta, stàladh airson Eco Creative Cluster le taic bho CHARTS, agus greis air mhuinntireas GUIR aig Glaschu Beò.
Image: Calumcille ann an Eirinn, 2021, produced in collaboration with Dr. Michael Newton with a grant from the Colmcille 1500 Heritage Award CHARTS. Credit Thomas Keyes