Gaelic
Tha Screen Argyll na thaisbeanadh film agus na chompanaidh-foghlaim stèidhichte ann an Tiriodh, ann am Muile, agus ann an Dùn Omhain. Agus e ainmeil airson fèis nam filmichean, Sea Change, a bhios a’ comharrachadh nam ban ann am film, tha a’ chompanaidh cuideachd a’ cur taic ri comainn-film sna coimhearsnachdan agus a’ tairgse raon farsaing de fhoghlam mu fhilm, a’ gabhail a-steach Animation Academy. Tha Screen Argyll a’ toirt a-steach Gàidhlig, a’ taisbeanadh fhilmichean Gàidhlig air an ceadachadh ann an com-pàirteachas ri MG Alba, a’ lìbhrigeadh bhuidhnean-obrach ann an Gàidhlig, agus a’ co-obrachadh le buidhnean-gnìomha ionadail leithid Urras Thiriodh gus filmichean goirid a chruthachadh anns a’ chànan.
“Tha Gàidhlig na pàirt deatamach de ìomhaigh Earra-Ghàidheal. Tha sinn a’ feuchainn ri bhith an sàs ann a bhith a’ dearbhadh gun tèid a ghleidheadh is a leasachadh.” – Alasdair Satchel, Screen Argyll
Image: Screen Argyll