Gaelic
Tha Naoko na neach-ealain ag obair air a ceann fhèin a tha stèidhichte san Òban agus a tha an sàs gu sònraichte ann an curaideachadh is furastachadh. Chaidh a breith is a togail ann am Fukuoka san t-Seapan, agus tha an obair aice a’ sealltainn gu sònraichte air cùisean àrainneachd is sòisealta agus tha i a’ cleachdadh ealain gus ceanglaichean a chruthachadh agus ceartas, eugsamhlachd is seasmhachd a chur air adhart. Tha obair churaideach Naoko stèidhichte air cùram agus gnìomhadh, ag obair ann an com-pàirteachas gu tric gus siostaman a bhios a’ gabhail brath a thoirt far a chèile. Bho thog i an imrich chun an Òbain ann an 2019, tha Naoko air a bhith a’ feuchainn ri dhol an sàs ann an cànan is cultar na Gàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gun tèid a’ Ghàidhlig a chur air thoiseach sna pròiseactan cruthachail aice, leithid Tiree’s Sustainable Future agus Woodland // Coille.
“Bidh mi a’ dèanamh ceangal ri cànan is cultar na Gàidhlig oir, ged ’s ann às an t-Seapan a tha mi, tha e an urra rium an “sruth a’ giùlan” (mar a thug Seumas MacEanraig turas air traidisean) a tha seo de dhìleab cultarail a chaidh a chur na thost a thoirt do na ginealaichean ri teachd le bhith ag obair leotha agus gan ùrachadh a rèir suidheachadh an là an-diugh cuideachd mar neach a tha a’ fuireach anns an Òban agus ann an Alba.” – Naoko Mabon
Image: Oban Gaelic Choir's outdoor concert, at George Street Square in Oban, 2021. As part of On Tidal Zones Residency hosted by ATLAS Arts and CLIMAVORE. Credit Naoko Mabon