Gaelic
Tha obair Margie air a brosnachadh le dathan beothail agus cànan suaicheanta na Gàidhlig. Na cuid obrach gu tric tha dòighean marblachaidh le ola alkyd, òr agus foidhle gus pìosan innsgineach a chruthachadh. A’ rannsachadh helix na Gàidhlig, bidh i a’ glacadh mar a tha dathan gam faicinn ann an cultar nan Gàidheal. O chionn ghoirid, thòisich Margie air collage agus ealain dhidseatach, ag obair le AI gus briathran is cultar Gàidhlig a thoirt a-steach anns an obair chruthachail aice.
Aithris: “Shaoileadh tu gun robh Gàidhlig a’ cluich falach-fead anns na coimhearsnachdan againn; tha i ann ach ann riochd meallta. Ba mhath leam gum biodh i na b’ fhollaisiche agus gun nochdadh i air a’ bhlàr a-muigh.” – Margie Ramsay
Image: Margie Ramsay