Gaelic
Tha Gwen NicGuaire na neach-ealain ri peant, peann, pàipear agus togail dhealbhan. Tha i air a glacadh le seallaidhean farsaing, pàtranan nàdarra, agus solas an latha. A’ fuireach faisg air a’ mhuir ann an suidheachadh lurach, bidh Gwen a’ faighinn brosnachadh fad na tìde bhon àilleachd mun cuairt oirre. Tha an ealain aice a’ nochdadh a’ chàirdeis eadar eileamaidean nàdair agus an solas timcheall oirre a bhios ag atharrachadh gun sgur.
“Tha mo bheatha làitheil ga bogadh ann an Gàidhlig – nam dhachaigh, le mo theaghlach, le caraidean agus nam chuid obrach. Tha i gam chuairteachadh nam choimhearsnachd – ealain agus a’ choimhearsnachd far a bheil mi a’ fuireach. Is mar thoradh air seo tha i anns gach sealladh a chì mi.”
Image: Gwen MacQuarrie / NicGuaire