Gaelic
Tha Gina NicDhòmhnaill na neach-ealain a tha an obair aice a’ tarraing às an dìleab aice sna h-Eileanan, a’ rannsachadh ruitheaman is pàtranan an fhearainn is a’ chultair na lùib. Le cuideam air toirt bheachdan bho shean is an là an-diugh còmhla, tha an ealain aice a’ cur an cèill eachdraidh shòisealta is chultarail dho-bheantainn nan eilean. Tha Gina air a bhith ag obair le Taigh Chearsabhagh, Film Uibhist, Comann-ealain Uibhist agus CHARTS, agus tha i cuideachd na h-urrasair aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Tha an stuth aice, mar an clò Hearach, feamainn agus mòine a’ nochdadh a’ cheangail dhomhainn a th’ aice ri dualchas agus àrainneachd na Gàidhlig gu h-ionadail.
"Tha cànan na Gàidhlig agus dìleab nan Eilean nam pàirt bunaiteach de mo bheatha is m’ obair." - Gina Macdonald
Image: CHARTS Duais Dìleab Chaluim Chille / The Colmcille Legacy Award, Gina MacDonald