Credit Eilidh Mackenzie

Eilidh MacKenzie

Gaelic

Tha Eilidh NicCoinnich na neach-ealain agus tha an obair aice air a freumhachadh gu domhainn ann an àrainneachd an Eilein Sgitheanaich, eilean a dùthchais. Agus i a’ tarraing brosnachadh an dà chuid bhon fhearann agus bhon dealbh-thìre chultarail – cànan, riochdan dùthchasach, agus aithris-bheòil – tha saothair Eilidh ann am meadhanan measgaichte a’ rannsachadh chuspairean mu àite agus mu dhìleab. Agus i an sàs cuideachd ann an ceòl dùthchasach, ann am foghlam Gàidhlig, agus ann an ealain an là an-diugh, bidh an obair aice gu tric a’ nochdadh a’ cheangail làidir a bhios i a’ faireachdainn ri cultar na Gàidhlig, le mòran mhìrean air an stèidheachadh air seanchas ionadail, gnìomhachas, agus saoghal an nàdair timcheall oirre.  

“Tha mi air a bhith an sàs ann an ceòl dùthchasach bho bha mi beag, agus san là a th’ ann an-diugh eadar na diofar dhreuchdan a th’ agam ann an ealainean, coimhearsnachd agus foghlam na Gàidhlig, tha an cànan is an cultar aig cridhe mo bheatha làitheil.  Tha a bhith a’ togail an teaghlaich againn le Gàidhlig a’ faireachdainn mar cheangal càraidh thar nan ginealach, agus anns an t-saoghal a bhios ag atharrachadh gu grad anns a bheil sinn beò tha e nas cudromaiche fhathast faireachdainn làidir mun luach a th’ air an ìomhaigh is an dìleab chultarail aca a nochdadh riutha.” – Eilidh NicCoinnich

Image: Eilidh MacKenzie

Credit Eilidh Mackenzie (1)

English

Eilidh MacKenzie is an artist whose work is deeply rooted in the environment of her native Isle of Skye. Drawing inspiration from both the physical landscape and the cultural landscape—language, vernacular structures, and oral traditions—Eilidh’s mixed media practice explores themes of place and heritage. With a background in traditional music, Gaelic education, and contemporary art, her work often reflects the strong connection she feels to her Gaelic culture, with many pieces informed by local lore, industry, and the natural world around her.

“I have been involved in traditional music since childhood, and nowadays between my various roles within Gaelic arts, community and education, the language and culture is part of the fabric of my everyday. Bringing up our family with Gaelic feels like a reparative connection across generations, and in the rapidly-changing world we live in it’s all the more important to instil in them a strong sense of value in their cultural identity and heritage.” - Eilidh MacKenzie

Image: Eilidh MacKenzie

Keep up to date with Eilidh's work
Credit Eilidh Mackenzie

Resources

Get access to, or share online resources

Events

Find concerts, exhibitions, archives, walks and talks, contemporary dance, theatre and more

Opportunities

Search Jobs, funding, residencies, volunteering & more. If you have an opportunity to share with the network upload it here