Gaelic
Bidh Cultural Documents a’ cruthachadh chothroman do dhaoine beachdan a sgaoileadh is a leasachadh le bhith a’ rannsachadh, a’ cruthachadh agus a’ taisbeanadh ealain lèirsinneach an là an-diugh. Bidh iad a’ lìbhrigeadh thachartasan, thaisbeanaidhean, taisbeanadh fhilmichean, muinntireas do luchd-ealain agus sgrìobhadh ùr gus conaltradh a bhrosnachadh eadar coimhearsnachdan, a’ toirt còmhla ìomhaighean is àiteachan eugsamhail. Ann an Taobh Siar na h-Alba, tha Gàidhlig, mar an cànan dùthchasach, na h-inneal fa leth gus aithne phearsanta agus na ceanglaichean eachdraidheil eadar daoine is àite a rannsachadh. Le bhith a’ ceangal ri Gàidhlig, bidh Cultural Documents ag èisteachd is ag ionnsachadh bhon chànan is bhon luchd-labhairt, a’ saidhbhreachadh tuigse is ceangal cultarail.
“Tha e deatamach dhuinn a bhith ag èisteachd is ag ionnsachadh tro Ghàidhlig is bho na daoine a tha ga cleachdadh gus an cuid ìomhaighean cultarail a riochdachadh.” – Cultural Documents
Image: Purple and Blue Lichen, part of Cultural Documents, Exhibition, Towards the Water Ecotone. Credit Caroline Younger