Gaelic
Tha Alice Stillman na neach-ealain agus tha an obair chruthachail aice a-mach air cuspairean leithid cur à àite is call, air a brosnachadh leis na chunnaic i gu h-òg agus na dùbhlain a th’ ann an-dràsta a thaobh bith-eugsamhlachd is eugsamhlachd chultarail. Air a h-àrach ann an coimhearsnachd dhlùth, bidh Alice a-nis a’ rannsachadh nan raointean seo tro ealain le ceanglaichean sòisealta. Thog am pròiseact aice tree + cake ann am Muile ceistean cudromach mu ion-ghabhaltachd is mu chom-pàirteachadh, gu sònraichte le daoine le dùthchas Gàidhlig. Thàinig à seo Feàrna, coimisean ris an do chuir CHARTS taic, rannsachadh co-obrachail air dòighean ion-ghabhaltach gus a bhith ag obair le coimhearsnachdan is cultar Gàidhlig.
“’S e neach-ealain le ceanglaichean sòisealta a bhuineas do dhùthchas na Beurla a th’ annam agus a tha stèidhichte is ag obair sa Ghàidhealtachd. ’S e a bhith a’ ceangal ri Gàidheil, agus ri cultar is cànan na Gàidhlig an dòigh a th’ agam gus an t-àite far a bheil mi a’ fuireach a-nis agus an t-àite a th’ agam ann a thuigsinn. Bidh e gam chuideachadh gus luach is neart a’ chultair chugallaich seo fhaicinn agus le sin a bhith a’ fuireach is ag obair le barrachd mothachaidh is aire ann an suidheachadh toinnte.” – Alice Stillman
Image: Fèarna, part of CHARTS Coastal Cultures Island Residency. Credit Rhona NicDhùghaill and Alice Stillman