Gaelic
Tha Alasdair Satchel ri tèatar, craoladh-lìn agus film ag obair le Gàidhlig, Beurla is Fraingis. Le rùn daingeann don Ghàidhlig, bidh e a’ toirt a-steach cànan gu nàdarra sna pròiseactan aige. Am measg nan obraichean leis o chionn ghoirid tha a’ cur dàin Ghàidhlig mar fhilmichean agus a’ rannsachadh bheachdan mun Ghàidhlig ann an Ceann an Ear Ghlaschu tro shreath chraolaidhean-lìn. Tha obair fharsaing Alasdair a’ comharrachadh cultar Gàidhlig agus cuideachd a’ dèanamh sgrùdadh mionaideach air an ìomhaigh is an riochd a th’ air sa là a th’ ann an-diugh.
“Tha cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt den dualchas agam a leigeas leam na tha mi a’ dèanamh anns an obair agam a cheasnachadh is a thuigsinn le chèile. Bidh mi ga cleachdadh aig an taigh le mo mhac, agus anns an obair agam le film, tèatar agus craoladh-lìn. Tha Gàidhlig a’ cruthachadh cheanglaichean ri uimhir a dhaoine agus a’ leigeil leinn ceangal ris an t-saoghal mun cuairt oirnn, a’ saidhbhreachadh ar beatha ann an dòigh a nì ceangal ris an àm a dh’fhalbh, ris an àm an làthair agus ris an àm ri teachd. Airson tòrr dhaoine, tha Gàidhlig na roghainn dhuinn, chan e default position a th’ ann. Tha mi an dòchas gu bheil an obair agam a’ cuideachadh gus Gàidhlig a dhèanamh na default position ann an iomadh raon de ar beatha.” – Alasdair Satchel
Image: Alasdair Satchel