Seachdain na Gàidhlig 2026 - Cleachd I, no caill I (Use it, or lose it!)
Posted by CHARTS
This year’s theme is 'Cleachd i no caill i' (Use it or lose it), and we’d be delighted if you would join us in celebrating Gaelic across Scotland and around the world.
Maoin nan tabhartas beag
Taing do shìor thaic Bòrd na Gàidhlig, tha maoin nan tabhartas beag againn fosgailte uair eile. Tha suimeannan suas ri £500 rim faighinn do phròiseactan is tachartasan a chumar rè Seachdain na Gàidhlig 2026. Feumaidh e a bhith soilleir san tagradh dè an ceangal a th’ eadar am pròiseact agus cuspair na bliadhna.
Small Grants Fund
Thanks to continued support from Bòrd na Gàidhlig, our Small Grants Fund is open once again. Awards of up to £500 are available to support projects and events taking place during Seachdain na Gàidhlig 2026. Applications should show how they reflect this year’s theme.
Prògram nan sgoiltean
Bidh sreath de sheiseanan an-asgaidh air loidhne againn a-rithist dha sgoiltean. Tha fèill mhòr mhòr air a bhith orra roimhe, leis na mìltean de sgoilearan a’ gabhail pàirt gach bliadhna. Gheibh tidsearan barrachd fiosrachaidh air an làrach-lìn againn agus is urrainn dhuibh àitichean a ghlèidheadh an sin cuideachd.
Schools programme
We’ll once again be offering a series of free, interactive online sessions for schools. These have proved hugely popular, with thousands of pupils taking part each year. Teachers can find details and book via our website.
Tha an làrach-lìn againn air a h-ùrachadh ’s i loma-làn le goireasan is beachd-smuaintean a bhuineas ri cuspair na bliadhna. Mholamaid dhuibh sùil a thoirt, na stuthan a luchdadh a-nuas is an co-roinneadh air an lìonra agaibhse.
Our website is now fully updated with resources, ideas, and this year’s theme. We’d encourage you to take a look, download materials, and share them with your networks.