Fios mu Dhuaisean Chruthaich Earra-Ghàidheal
(English Below)
Tha CHARTS cho toilichte an fheadhainn a fhuair duaisean Chruthaich Earra-Ghàidheal, sgeama-maoineachaidh ùr stèidhichte air àiteachan air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ri saothair chruthachail ag amas air cànan is dualchas na Gàidhlig air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid, ainmeachadh.
Tha Cruthaich Earra-Ghàidheal a’ comharrachadh cuideam cànan is dualchas na Gàidhlig air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha na duaisean a’ cur taic ri raon farsaing obair-ealain is obair-dhìleib thairis air caochladh mheadhanan, le maoineachadh ga bhuileachadh gus saothair ùr a leasachadh no pròiseactan a th’ ann mar-thà leudachadh, le beachdan a’ nochdadh rùn follaiseach a thaobh cànan is dualchas na Gàidhlig ann an suidheachadh sònraichte Earra-Ghàidheal.
Chaidh duaisean Chruthaich Earra-Ghàidheal a bhuileachadh air an luchd-ealain lèirsinneach, luchd-chruthachail, luchd-chiùil agus luchd-sgrìobhaidh a leanas:
Mòrag Nimmo
Màiri Anna NicUalraig
Joy Dunlop
Cuideachadh, thathar air maoineachadh-leasachaidh a bhuileachadh air
Emily Goan
Tha na duaisean seo a’ cuideachadh luchd-buannachaidh gus modalan is pròiseactan a thaobh maoineachaidh a rannsachadh, a’ cuideachadh riutha gus barrachd leasachaidh a dhèanamh air an cuid iarrtasan do sgeamaichean-dhuaisean san ùine air thoiseach.
Tha Cruthaich Earra-Ghàidheal na phròiseact aig Còmhdhail Cultair, Dualchais is Ealain, Earra-Ghàidheal agus nan Eilean (CHARTS), air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Alba Chruthachail agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Cruthaich Earra-Ghàidheal Awards Announcement
CHARTS is delighted to announce the recipients of the Cruthaich Earra-Ghàidheal awards, a new place-based funding scheme funded by Bòrd na Gàidhlig, supporting creative work focused on Gaelic language and culture across Argyll and Bute.
Cruthaich Earra-Ghàidheal celebrates the importance of Gaelic language and culture in Argyll and Bute. The awards support a broad range of expressive arts and heritage activity across different media, with funding being awarded to develop new work or expand existing projects, with proposals demonstrating a clear commitment to Gaelic language and culture within the distinctive context of Argyll.
The following visual artists, creative practitioners, musicians and writers are Cruthaich Earra-Ghàidheal awardees:
Morag Nimmo
Mary Ann Kennedy
Joy Dunlop
In addition, development funding is awarded to:
Emily Goan
These awards support recipients in researching other funding models and projects, helping them further develop their applications for future award schemes.
Cruthaich Earra-Ghàidheal is a Culture, Heritage & Arts Assembly, Argyll & Isles (CHARTS) project, funded by Bòrd na Gàidhlig with support from Creative Scotland and Argyll and Bute Council.
Image: Brìgh. Credit Mary Ann Kennedy.