SEANCHAS SGIBINIS | Gaelic Week 2025
Posted by CHARTS
Date: 1.00pm to 4.00pm, 28th February 2025
Location: Skipness Village Hall
This event is free to attend, but registration is necessary. Register for free here.
(English Below) Thigibh ann an cuideachd Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS Àdhamh Ó Broin, Co-mhantachd Coill-Uisge Cheann Tìre agus aoighean eile air son feasgar dòigheil a’ rùrachadh dualchas Ghàidhlig Sgibinis ’s na coilltean timcheall air. Leigidh an tachartas le luchd-labhairt ’s luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ceanglan ùra a dhianamh ’s an dàimh a th’ aca ri tìr ’s muir a roinn ’s air na h-àiteachan a thug seachad cainnt ’s sgeultachd.
Tòisichidh an tachartas ann an Talla a’ Bhaile Sgibinis aig 1f, air a leantainn le sgrìob ann an Coille Sgibinis, far an ionnsaichear mu dhéidhinn dualchainnt Ghàidhlig Cheann Tìre, far an cluinnear sgialachdan bho shliochd an luchd-labhairt fhileanta mu dhéireadh de’n chànan ’s far am bith cothrom ann sràid a ghabhail san dùthaich tro phrospaig dualchas Ghàidhlig an àite.
As déidh na cuairte, bidh taigh-céilidh ann le ùrachadh ann an Talla Sgibinis. Bidh acainnean-ealain ann air son nan daoine a bhios ag iarraidh rudaigin a tharainn às a’ chuairtgu h-ealanta.
’S e cothrom air leth a th’ ann an seo gus ceangal a dhianamh ris an àrainneachd ionadail agaibh ’s dualchas Gàidhlig an àite fhad ’s a chuireas sibh ri iomairtean ri thighinn a chomharachas ’s a ghleidheas Cànan nan Gàidheal ann an Ceann Tìr.
Thoir an aire gum bith cuid de’n tachartas seo taobh-muigh ann an Sgibinis ’s Coille Claonaig. Nach cuir sibh oirbh aodach freagarach, blàth ’s brògan dìonach, leis gum bith an talamh car mi-chomhrad ’s dh’fhaoidte sleamhainn.
Join Culture Heritage and Arts Assembly, Argyll and Isles (CHARTS) Gaelic Culture Officer Àdhamh Ó Broin, Kintyre Rainforest Alliance and guests for an engaging afternoon exploring the Gaelic heritage of Skipness and surrounding woods. This event will allow Gaelic speakers and learners to make new connections and share their cultural roots, focusing on the land and sea that shaped their language and stories.
The event will begin at Skipness Village Hall at 1.00pm, followed by a walk in Skipness Woods, where you’ll learn about the unique Kintyre Gaelic dialect, hear local stories from descendants of the last fluent Gaelic speakers, and explore the natural world through the lens of Gaelic heritage.
Following the walk, enjoy Gaelic songs and stories with light refreshments at Skipness Hall. Art materials will be provided for those who wish to reflect creatively on their experience.
This is a wonderful opportunity to connect with your local environment and Gaelic traditions while contributing to future projects that celebrate and preserve the Gaelic language in Kintyre.
Please note that some of this event will take place outside at Skipness and Claonaig Woods. Please wrap up warm and wear appropriate footwear, as the ground will be uneven.
Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig // Funded by Seachdain na Gàidhlig’s Small Grants Fund with support from Bòrd na Gàidhlig.
Skipness Village Hall, B8001, Tarbert , PA29 6XT,