Towards The Water Ecotone, Exhibition. Credit Cultural Documents
Default Profile Picture

AITHNE - Support and Knowledge Exchange

Posted by CHARTS

Date

24/07/2025 19:00 - 24/07/2025 20:00

Website

d Visit website

Gaelic

(English Below)

Nach tig thu còmhla ri CHARTS agus Engage Scotland airson tachartas fad uair an uaireadair air an Lìon mar chuid de AITHNE: A’ Clàradh Luchd-ealain Lèirsinneach ann an Com-pàirteachas ann an Alba. Tha an seisean seo na chothrom do luchd-ealain, luchd-curaideachaidh, agus do bhuidhnean cultarail an sàs ann an cànan is dualchas na Gàidhlig ceangal a dhèanamh, eòlas a nochdadh, agus beachd a ghabhail air slighean ùra gus luchd-èisteachd ùr a thàladh.  

Anns an t-seisean bidh taisbeanaidhean goirid bhon Ollamh Dèirdre NicCionaoidh agus Janie Nicoll, le ceistean is freagairtean air an stiùireadh an dèidh làimhe, a’ toirt lèirsinn air obrachadh gu cruthachail is ann an com-pàirteachas ann an suidheachadh cultarail Gàidhlig, an dara cuid mar neach-ealain no a’ coimiseanadh obair. Tha an tachartas seo ag amas air luchd-ealain a tha ag obair le cànan is dualchas na Gàidhlig agus e na chuid de AITHNE: A’ Clàradh Luchd-ealain Lèirsinneach Gàidhlig ann an Com-pàirteachas ann an Alba. 

Thèid an tachartas seo a chlàradh.

Thèid an tachartas seo a chumail sa Bheurla.

Cuir àite an dara taobh an-asgaidh 

Chaidh an com-pàirteachas eadar CHARTS agus Engage Scotland a chur air chomas le taic bhon Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail.

 

An Luchd-labhairt

Tha Àdhamh Ó Broin na Ghàidheal Èireannach is Albannach le chèile, a chaidh a thogail eadar tìr-mòr Earra-Ghàidheal is Glaschu. Tha Àdhamh air a bhith an sàs anns na h-ealainean fad a bheatha na inbheach mar Neach-comhairleachaidh Gàidhlig, Riochdaire Fhilmichean, Sgrìobhadair, mar Fhear an Taighe agus Mar Sgrìobhadair-ciùil ri iomadach inneal-ciùil. Tha e na neach-labhairt, na sheinneadair agus na fhear-dualchais dealasach Gàidhlig. 

Mar Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS, tha Àdhamh an ceannas air leasachadh ro-innleachdail sheirbheisean cultarail Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is ann am Bòd. Tha seo a’ gabhail a-steach dealbhachadh is cuideachadh phròiseactan is sgeamaichean dhuaisean, agus a’ cur air adhart lìonra CHARTS am measg luchd-ealain, luchd-dualchais is luchd-cruthachaidh na Gàidhlig. Chaidh an dreuchd a dhealbhachadh gus amasan bunaiteach cultarail ann am Plana Gàidhlig Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu buil. Tha am post ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha Engage Scotland a’ cuideachadh is a’ riochdachadh buill Engage a tha a’ fuireach ann an Alba agus a’ freagairt air feumalachdan roinneil. Tha Engage Scotland a’ tairgse clàr coiteachaidh, rannsachaidh is ullachaidh a chuidicheas gus inbhe, eugsamhlachd is buntainneachd cheanglaichean is com-pàirteachaidh sna h-ealainean lèirsinneach ann an Alba a dhaingneachadh. 

Tha an t-Ollamh Dèirdre NicCionaoidh air a bhith ri prògramadh ealain lèirsinneach an latha an-diugh fad 25 bliadhna, ann an Alba, anns an Eadailt, agus air feadh na Roinn-Eòrpa, a’ leasachadh is a’ stiùireadh mhodhan-obrach a bhios a’ gnìomhachadh eòlas is a’ cruthachadh cheanglaichean do dhaoine tro dheasbad eadar iomadh seòrsa riochd. Tha a cuid rannsachaidh a’ sgrùdadh atharrachadh sòisealta is àrainneachd agus modhan ùra de chruthachadh cultarail tro chuimseachadh adhartach, a mhìnich i na tràchdas PhD ‘Duration, Cultural Programming and Sensemaking’ (Oilthigh Dhùn Deagh le maoineachadh bho AHRC).

Tha Janie Nicoll na neach-ealain lèirsinneach Gàidhlig a tha stèidhichte ann an Glaschu le cleachdadh a tha a’ toirt a-steach an dà chuid saothair le ceanglaichean sòisealta agus na tha stèidhichte san studio. Tha ceum le urram den chiad ìre aice ann am Peantadh bho Cholaiste-ealain Dhùn Èideann agus MFA bho Sgoil-ealain Ghlaschu. Ag obair le stàlaidhean, dealbhadaireachd, ìomhaighean digiteach, collage, obair-chlò, agus assemblage, bidh i gu tric a’ cruthachadh saothair an taobh a-muigh de dh’ionadan studio air an t-seann nòs, a’ co-obrachadh le daoine eile. Tha Janie air taisbeanadh thall thairis, le greis air mhuinntireas o chionn ghoirid aig CCA Ghlaschu, Tramway, agus Metal Liverpool. B’ àbhaist i bhith na Ceann-suidhe air Aonadh Luchd-ealain na h-Alba, agus tha i a-nis na Manaidsear Iomairtean is Phròiseactan. Bha Janie na h-urrasair aig Engage.

 

English

Join CHARTS and Engage Scotland for a 1-hour online event as part of AITHNE: Mapping Gaelic Participatory Visual Artists in Scotland. This session offers an opportunity for artists, curators, and cultural organisations engaging with Gaelic language and culture to connect, share practice, and explore ways to reach new audiences.

The session will include short presentations from Dr Deirdre MacKenna and Janie Nicoll, followed by a facilitated Q&A, offering insight into working creatively and collaboratively in a Gaelic cultural context, whether as a practitioner or commissioner of work. This event is designed for artists working with Gaelic language and culture and is part of AITHNE: Mapping Gaelic Participatory Visual Artists in Scotland. 

This event will be recorded.

This event will be held in English.

Book here

The partnership between CHARTS and Engage Scotland has been made possible with the support from the National Lottery through Creative Scotland.


Speakers 

Àdhamh Ó Broin is a Gael of mixed Irish and Scottish Highland ancestry, brought up between mainland Argyll and Glasgow. Àdhamh has been involved in the arts his entire adult life as a Gaelic Consultant, Film Producer, Writer, MC and Multi-Instrumentalist Composer. He is a passionate Gaelic speaker, singer and tradition bearer. 

As CHARTS Gaelic Culture Officer, Àdhamh is responsible for the strategic development of Gaelic cultural services for Argyll and Bute. This includes designing and supporting projects and award schemes, and promoting the CHARTS network among Gaelic arts, heritage, and cultural communities. This role is designed to meet key cultural objectives aligned with the Argyll and Bute Gaelic Language Plan and the National Language Plan. This role is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council.

Engage Scotland supports and represents Engage members based in Scotland whilst responding to regional needs. Engage Scotland offers a programme of advocacy, research, and training, to help ensure the quality, inclusivity, and relevance of engagement and participation in the visual arts in Scotland. 

Dr Deirdre MacKenna has been a programmer of contemporary visual art for 25 years, in Scotland, Italy and throughout Europe, developing and leading processes which activate knowledge and create connections for people through transdisciplinary dialogues and exchange. Her research investigates social and environmental change and new methods and models of culture production through a process of progressive focusing, which she articulated through her PhD ‘Duration, Cultural Programming and Sensemaking’ (AHRC-funded University of Dundee).

Janie Nicoll is a Glasgow-based visual artist with a practice that spans both socially engaged and studio-based work. She holds a first-class honours degree in Painting from Edinburgh College of Art and an MFA from Glasgow School of Art. Working across installation, photography, film, digital imaging, collage, printmaking, and assemblage, she often creates works outside traditional gallery spaces, collaborating with others. Janie has exhibited internationally, with recent residencies at CCA Glasgow, Tramway, and Metal Liverpool. Janie has had a long involvement with the Scottish Artists Union, as president and, until recently, as Projects and Campaigns Manager, Janie was a trustee of Engage.

 

Image: Cultural Documents, Exhibition, Towards the Water Ecotone.

CHARTS’ Gaelic Culture Officer is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council

Go to booking