Credit Oliver Mezger (1)
Default Profile Picture

AITHNE - Gaelic Visual Arts Showcase

Posted by CHARTS

Date

17/07/2025 18:30 - 17/07/2025 20:10

Website

d Visit website

Cost

FREE

Gaelic

(English Below)

Nach tig thu còmhla ri Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS Àdhamh Ó Broin agus Engage Scotland airson taisbeanadh air an Lìon a’ nochdadh farsaingeachd chleachdaidhean luchd-ealain ag obair le cànan is dualchas na Gàidhlig air feadh na h-Alba, ag amas air ceanglaichean is com-pàirteachadh. Tha an taisbeanadh seo a’ nochdadh AITHNE: A’ Clàradh Ealainean Lèirsinneach Gàidhlig ann an Com-pàirteachas ann an Alba, na thùs-phròiseact air a choimiseanadh le Engage Scotland agus ga lìbhrigeadh le CHARTS.

Tha an pròiseact na chiad ceum, agus chaidh 37 de fhreagairtean bho luchd-ealain air feadh Alba a chruinneachadh, a’ cruthachadh goireas ùr a tha a’ clàradh toiseach-tòiseachaidh an luchd-ealain ag obair ann an suidheachadh Gàidhlig le ùidh ann an ceanglaichean is com-pàirteachadh. Ri linn an tachartais, nochdaidh Rhona NicDhùghaill, Marcas Mac an Tuairneir, Gina Dhòmhnallach agus Oliver Mezger earrannan den t-saothair aca agus cumaidh iad deasbad mu na cuspairean, na duilgheadasan agus na cothroman am broinn roinn nan ealain Gàidhlig. 

Tha an taisbeanadh seo na chothrom do luchd-ealain ag obair le dualchas is cànan na Gàidhlig ceangal a dhèanamh, beachd a ghabhail agus ionnsachadh bho chàch a chèile agus tha e na chuid de thionnsgnadh leanmhainneach gus lìonraidhean cultarail luchd-ealain na Gàidhlig air feadh na h-Alba a chuideachadh agus a neartachadh.  

Thoir fa-near gun tèid an tachartas a chlàradh is a chumail ann an Gàidhlig le tionndaidhean Beurla mar-aon le Iain MacIlleChiar. 

Thèid an tachartas seo a chlàradh. 

Cuir àite an dara taobh an-asgaidh 

 

Chaidh an com-pàirteachas eadar CHARTS agus Engage Scotland a chur air chomas le taic bhon Chrannchur Èireannach Nàiseanta tro Alba Chruthachail.

 

An Luchd-labhairt 

Tha Àdhamh Ó Broin na Ghàidheal Èireannach is Albannach le chèile, a chaidh a thogail eadar tìr-mòr Earra-Ghàidheal is Glaschu. Tha Àdhamh air a bhith an sàs anns na h-ealainean fad a bheatha na inbheach mar Neach-comhairleachaidh Gàidhlig, Riochdaire Fhilmichean, Sgrìobhadair, mar Fhear an Taighe agus Mar Sgrìobhadair-ciùil ri iomadach inneal-ciùil. Tha e na neach-labhairt, na sheinneadair agus na fhear-dualchais dealasach Gàidhlig. 

Mar Oifigear Cultair Ghàidhlig CHARTS, tha Àdhamh an ceannas air leasachadh ro-innleachdail sheirbheisean cultarail Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is ann am Bòd. Tha seo a’ gabhail a-steach dealbhachadh is cuideachadh phròiseactan is sgeamaichean dhuaisean, agus a’ cur air adhart lìonra CHARTS am measg luchd-ealain, luchd-dualchais is luchd-cruthachaidh na Gàidhlig. Chaidh an dreuchd a dhealbhachadh gus amasan bunaiteach cultarail ann am Plana Gàidhlig Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu buil. Tha am post ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha Engage Scotland a’ cuideachadh is a’ riochdachadh buill Engage a tha a’ fuireach ann an Alba agus a’ freagairt air feumalachdan roinneil. Tha Engage Scotland a’ tairgse clàr coiteachaidh, rannsachaidh is ullachaidh a chuidicheas gus inbhe, eugsamhlachd is buntainneachd cheanglaichean is com-pàirteachaidh sna h-ealainean lèirsinneach ann an Alba a dhaingneachadh. 

Tha Marcas Mac an Tuairneir air aonan den fheadhainn as motha a tha an sàs ann am bàrdachd fhilmichean ann an Alba, air aonan den fheadhainn a th’ air thoiseach air an cruth a ghabhail orra a rèir suidheachadh na Gàidhlig. A’ cleachdadh measgachadh de stuth a chlàraich e fhèin, agus stuth aosta is air a thasgadh, faram a rinn e fhèin, ceòl air a cheadachadh agus guth-thairis, tha bàrdachd fhilmichean a’ toirt còmhla caochladh mhìrean den chleachdadh chruthachail aige. Tha e air obair a dhèanamh leis an fhilmeadair Alex Nichol air caochladh phròiseactan lèir-chlaisneach, a’ fighe còmhla aithris is seinn, cruthan-fuaime agus dealbhadaireachd. Mar neach-ealain Gàidhlig, am measg nam pròiseactan an lùib nan Ealain ann an Com-pàirteachas leis tha pròiseact bàrdachd is ealain coimhearsnachd ann am Fìobha, agus buidhnean-obrach ann an sgrìobhadh cruthachail is sgrìobhadh òran anns na sgoiltean air feadh Alba. 

Tha Rhona NicDhùghaill na riochdaire cruthachail agus na neach-obrach ealain sa choimhearsnachd às an Òban a th’ air a bhith ag obair o chionn còrr is 15 bliadhna sa Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan agus ann an Glaschu. Agus i na neach-labhairt Gàidhlig, tha obair Rhona a’ sealltainn gu sònraichte air cruthachadh cumhachdachadh, ìomhaigh agus ceangal tro phròiseactan sa choimhearsnachd. Ann an 2022, thug Rhona MA a-mach ann an Ealain agus Cleachdadh Sòisealta, a’ rannsachadh ìomhaigh nan Gàidheal ann an suidheachadh post-vernacular. Tha an obair aice o chionn ghoirid, leithid Feàrna, cuid de Mhuinntireas nan Eilean aig CHARTS, le Alice Stillman, a-mach air sgaoileadh modhan-obrach Gàidhealach thairis air luchd-dùthchais na Gàidhlig. Tha an dòigh-dèiligidh a th’ aig Rhona a thaobh ealain stèidhichte air sealladh Gàidhealach air an t-saoghal, a’ sònrachadh cruthachalachd mar chuid àbhaisteach den bheatha, agus bidh i ag obair gus àiteachan a chruthachadh far am faod daoine ceangal ris an ìomhaigh Ghàidhealaich aca tro chleachdaidhean-ealain coitcheann agus ion-ghabhaltach. 

Tha Gina NicDhòmhnaill na neach-ealain a tha an obair aice a’ tarraing às an dìleab aice sna h-Eileanan, a’ rannsachadh ruitheaman is pàtranan an fhearainn is a’ chultair na lùib. Le cuideam air toirt bheachdan bho shean is an là an-diugh còmhla, tha an ealain aice a’ cur an cèill eachdraidh shòisealta is chultarail dho-bheantainn nan eilean. Tha Gina air a bhith ag obair le Taigh Chearsabhagh, Film Uibhist, Comann-ealain Uibhist agus CHARTS, agus tha i cuideachd na h-urrasair aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Tha an stuth aice, mar an clò Hearach, feamainn agus mòine a’ nochdadh a’ cheangail dhomhainn a th’ aice ri dualchas agus àrainneachd na Gàidhlig gu h-ionadail. 

Tha Oliver Mezger nan neach-ealain ìomhaighean gluasadach agus tha an obair aca a’ glacadh cruth na tìre, tìm, dhaoine agus cultar tro Ghàidhlig agus eadar-theangachadh. Ag obair le bhideo didseatach, film 16mm is 35mm film, agus cruthan-fuaime, tha na filmichean aca a-mach air dàin-mholaidh is cumhaichean Gàidhlig. Tromhpa seo, tha Oliver a’ cur aghaidh air a’ bhuaidh chultarail an lùib dà-chànanachais, cur à àite, agus uaisleachaidh. Ann an 2015, fhad ’s a bha iad nan neach-ealain air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, thòisich Oliver a’ rannsachadh Gàidhlig, a’ nochdadh comharraidhean saidhbhir cultarail agus a’ bhrìgh a th’ aig àite. Am measg nam pròiseactan aig Oliver o chionn ghoirid tha dràma do radio air a sgrìobhadh ann an Ùige Leòdhais.

 

English

Join CHARTS Oifigear Cultair Ghàidhlig Àdhamh Ó Broin and Engage Scotland for an online showcase highlighting the diverse practices of artists working with Gaelic language and culture across Scotland, focused on engagement and participation. This event introduces AITHNE: Mapping Gaelic Participatory Visual Artists in Scotland, a pilot project commissioned by Engage Scotland and delivered by CHARTS.

The project is a starting point, and 37 responses from artists across Scotland were gathered, creating a new resource that maps the tip of the iceberg of visual artists working within a Gaelic context with an interest in engagement and participation. During the event, Rhona NicDhùghaill, Marcas Mac an Tuairneir, Gina Macdonald and Oliver Mezger will share highlights from their practice and discuss the themes, challenges, and opportunities within the Gaelic arts sector. 

This event is an opportunity for artists working with Gaelic culture and language to connect, reflect, and learn from each other and is part of an ongoing initiative to support and strengthen the creative networks of Gaelic artists across Scotland. 

Note that some of this event is Gaelic-led, with live English translation. Simultaneous translation to English will be provided by Iain MacIlleChiar. 

This event will be recorded. 

Book for free

 

The partnership between CHARTS and Engage Scotland has been made possible with the support from the National Lottery through Creative Scotland.

 

Speakers 

Àdhamh Ó Broin is a Gael of mixed Irish and Scottish Highland ancestry, brought up between mainland Argyll and Glasgow. Àdhamh has been involved in the arts his entire adult life as a Gaelic Consultant, Film Producer, Writer, MC and Multi-Instrumentalist Composer. He is a passionate Gaelic speaker, singer and tradition bearer. As CHARTS Gaelic Culture Officer, Àdhamh is responsible for the strategic development of Gaelic cultural services for Argyll and Bute. This includes designing and supporting projects and award schemes, and promoting the CHARTS network among Gaelic arts, heritage, and cultural communities. This role is designed to meet key cultural objectives aligned with the Argyll and Bute Gaelic Language Plan and the National Language Plan. This role is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council.

Engage Scotland supports and represents Engage members based in Scotland whilst responding to regional needs. Engage Scotland offers a programme of advocacy, research, and training to help ensure the quality, inclusivity, and relevance of engagement and participation in the visual arts in Scotland. 

Marcas Mac an Tuairneir is one of Scotland's key exponents of filmpoetry, among the first to embrace the art form in a Gaelic context. Using a mixture of self-shot, archive and stock footage, self-made beats, licensed music and voiceover, filmpoetry unites disparate aspects of his creative practice. He has collaborated with filmmaker Alex Nichol on several audiovisual projects, interweaving spoken and sung performance, text, soundscapes and cinematography. As a Gaelic Arts practitioner, Participatory Arts projects have included a collective community poetry and arts project for Gaelic In Fife, and collaborative creative writing and songwriting workshops in schools across Scotland. 

Rhona NicDhùghaill is a creative producer and community arts worker from Oban with over 15 years of experience in the Highlands, Islands, and Glasgow. A Gaelic speaker, Rhona’s practice focuses on fostering empowerment, identity, and connection through community-driven projects. in 2022, Rhona completed an MA in Art and Social Practice, exploring Gàidhealach identity in a post-vernacular context. Her recent work, including Feàrna, part of CHARTS Island Residencies,  with Alice Stillman, explores sharing Gaelic methodology beyond the Gaelic heritage community. Rhona’s approach to art is rooted in a Gaelic worldview, emphasising creativity as a normal part of life, and she works to create spaces where people can reconnect with their Gaelic identity through collective and inclusive artistic practices.

Gina Macdonald is an artist whose work draws inspiration from her Hebridean heritage, exploring the rhythms and patterns of the land and culture. With a focus on blending traditional and contemporary ideas, her art communicates the intangible social and cultural history of the islands. Gina has collaborated with Taigh Chearsabhagh, Uist Film, Uist Art Association and CHARTS, and is also a trustee for Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Her materials, including Harris wool, seaweed, and peat, reflect her deep connection to the local Gaelic culture, environment, and traditions.

Oliver Mezger is a moving image artist whose practice captures landscapes, time, people, and culture framed through Scots Gaelic language and translation. Working with digital video, 16mm and 35mm film, and soundscapes, their films explore Gaelic portrait-praise-poetry and the resonances of lament. Through these, Oliver addresses the cultural implications of monolingualism, displacement, and gentrification. In 2015, while artist-in-residence at Sabhal Mòr Ostaig, Isle of Skye, Oliver began researching and experimenting with Gaelic, uncovering rich cultural signifiers and the meaning of place. Oliver’s recent projects include a radio play written in Uig, Isle of Lewis.

 

Image:  OHV Mezger - Film stills from ‘Air Sgàth Margaret Tait - For the Sake of Margaret Tait’, (16mm, 37mins, 2014).

CHARTS’ Gaelic Culture Officer is funded by Bòrd na Gàidhlig and supported by Argyll and Bute Council

Go to booking