Gaelic
Tha Jon Macleod na neach-ealain is na churaidiche a bhios a-mach air èic-eòlas mhic an duine agus bheathaichean tro cheanglaichean sòisealta agus coiseachd. Agus buaidh aig cànan, cultar, agus a’ bhith a’ fuireach ann an eilean air, tha Jon a’ ceasnachadh a’ bheachd mu mheadhan is iomall. Bidh an obair aige gu tric a’ toirt a-steach mhìrean saobh-cràbhaidh is aithris-bheòil Ghàidhlig, leithid pròiseact fad bliadhna le camara tuill-phrìne stèidhichte air ‘Deaseil’ agus pròiseactan curaideach a-mach air dà-chànanachas Gàidhlig is Beurla. Tha obair Jon a’ sònrachadh cànan dùthchasach mar ghoireas deatamach gus àite, bith-eugsamhlachd, agus seasamh ri atharrachadh na gnàth-shìde a thuigsinn.
“Tha an obair agam fo bhuaidh aig a’ choimhearsnachd Ghàidhlig mun cuairt orm agus ìomhaigh chultarail is chànain an àite, an eilein, a’ bhaile, agus na Gàidhealtachd a thaobh aithris-bheòil, cruthachadh àiteachan, coimhearsnachd, brosnachaidh ach cuideachd buntainneachd cànain dhùthchais agus aithris-bheòil mar ghoireas anns an Anthropocene mar nàdar de thuigse dhomhainn air àite, còraichean fearainn, bith-eugsamhlachd, seasamh ri atharrachadh na gnàth-shìde, mar dhòigh gus a bhith.” – Jon MacLeòid
Image: Moorland Love Map. Credit Jon Macleod