Gaelic
Tha Rhona NicDhùghaill na riochdaire cruthachail agus na neach-obrach ealain sa choimhearsnachd às an Òban a th’ air a bhith ag obair o chionn còrr is 15 bliadhna sa Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan agus ann an Glaschu. Agus i na neach-labhairt Gàidhlig, tha obair Rhona a’ sealltainn gu sònraichte air cruthachadh cumhachdachadh, ìomhaigh agus ceangal tro phròiseactan sa choimhearsnachd. Ann an 2022, thug Rhona MA a-mach ann an Ealain agus Cleachdadh Sòisealta, a’ rannsachadh ìomhaigh nan Gàidheal ann an suidheachadh post-vernacular. Tha an obair aice o chionn ghoirid, leithid Feàrna, cuid de Mhuinntireas nan Eilean aig CHARTS, le Alice Stillman, a-mach air sgaoileadh modhan-obrach Gàidhealach thairis air luchd-dùthchais na Gàidhlig. Tha an dòigh-dèiligidh a th’ aig Rhona a thaobh ealain stèidhichte air sealladh Gàidhealach air an t-saoghal, a’ sònrachadh cruthachalachd mar chuid àbhaisteach den bheatha, agus bidh i ag obair gus àiteachan a chruthachadh far am faod daoine ceangal ris an ìomhaigh Ghàidhealaich aca tro chleachdaidhean-ealain coitcheann agus ion-ghabhaltach.
“Ged nach eil Gàidhlig ga labhairt fada is farsaing ann am mòran den Ghàidhealtachd tuilleadh, tha an cultar san fharsaingeachd air mhaireann fhathast – ach feumar àrach agus a làimhseachadh le cùram. Tha an obair agamsa a’ cruthachadh àiteachan far am faod daoine (ath-)cheangal a dhèanamh ris an dìleab is an ìomhaigh Ghàidhealaich aca, agus dòighean a lorg a bhith Gàidhealach gu cultarail a tha buntainneach dhaibh fhèin anns an t-suidheachadh post-vernacular seo.” – Rhona NicDhùghaill
Image: Let's Make a Scene, image Stevo Finlayson. Credit Rhona NicDhùghaill