Primary School Pack | A’ COMHARRACHADH NA GÀIDHLIG ANN AN EARRA-GHÀIDHEAL, PASGAN-GHOIREASAN GÀIDHLIG BUN-SGOIL 1 GU 7
Airson Cruinneachadh Earra-Ghàidheal 2022, tha Tional Cultair Dualchais agus Ealainean Earra-Ghàidheal is nan Eilean (CHARTS) air pasgan mu fharpais-ealain a chur ri chèile airson Clann nam Bun-sgoiltean. Tha e mar amas aig a’ phasgan ionnsachadh agus ceanglaichean ri Gàidhlig a chur air adhart tro rannsachadh air fiadh-bheatha ionadail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Ann an obair a’ chlas thathar a’ cruthachadh collage còmhla a’ cleachdadh stuth air ath-chuairteachadh air a chruinneachadh.
Anns a’ phasgan, tha 10 siotaichean-dathaidh, agus air gach aon dhiubh ainmhidh ionadail, a mhaisicheas a’ chlann agus a chuireas iad ri dreach-tìre ann an collage air a chruthachadh anns a’ chlas. Faodar am pasgan agus an cur-seachad seo atharrachadh gus freagairt air na feumalachdan a thaobh ionnsachaidh aig buidhnean seach buidhnean. Chòrdadh e gu mòr rinn cuideachd dealbhan na cloinne fhèin de na h-ainmhidhean air an ainmeachadh no feadhainn eile a bhuineas do dh’Earra-Ghàidheal is do Bhòd fhaicinn.
Tha na pasganan a rèir Cruinneachadh Earra-Ghàidheal, 2022 (12 Màrt, a thèid a chumail gu digiteach). Aon uair is gu bheilear air crìoch a chur air na cur-seachadan, chòrdadh e rinn gu mòr nan sgaoileadh sibh dealbhan den obair-chollage ri taisbeanadh is measadh ann an Seachdain na Gàidhlig (21 gu 27 Màrt). Bu mhath leinn gu mòr cuideachd dealbhan den chlas leis a’ chollage aca fhaicinn ri thaisbeanadh air làrach-lìn agus seanail mheadhanan sòisealta CHARTS. (Coimhead gu h-ìosal airson pasgan-ghoireasan Àrd-Sgoil)
/
For the Argyll Gaelic Gathering 2022, The Argyll and Isles Culture Heritage and Arts Assembly (CHARTS) have put together an art competition pack for Primary School Pupils. The pack aims to promote learning and engagement of Gaelic through exploration of the local wildlife in Argyll and Bute. The classroom activity involves creating a collaborative collage using gathered recycled materials.
The pack contains 10 colouring sheets, each featuring a local animal, for pupils to decorate and attach to a collaged landscape created in the class. This pack and activity can be adapted to suit the learning needs of different groups. We would also love to see pupils’ own drawings and paintings of the animals mentioned or others that are native to Argyll and Bute.
The packs align with the Argyll Gaelic Gathering, 2022 (12th March; to be held digitally). Once activities have been completed, we would love for you to share photos of the collage(s) for display and judging over World Gaelic Week (21st - 27th March). We would also love to see photos of the class with their collage for display on the CHARTS website and social media channels. (To access the High School Pack please scroll to the bottom of this page).
High School Packs | A’ COMHARRACHADH NA GÀIDHLIG ANN AN EARRA-GHÀIDHEAL, PASGAN-GHOIREASAN GÀIDHLIG, ÀRD-SGOIL 1 GU 3
Airson Cruinneachadh Earra-Ghàidheal 2022, tha Tional Cultair Dualchais agus Ealainean Earra-Ghàidheal is nan Eilean (CHARTS) air pasgan mu fharpais-ealain a chur ri chèile airson Clann nan Àrd-sgoiltean. Tha e mar amas aig a’ phasgan ionnsachadh agus ceanglaichean ri Gàidhlig Earra-Ghàidheal a chur air adhart, le bhith a’ sealltainn air mar a tha cànan air a neadachadh ann an cruth na tìre againn.
Tha am pasgan a’ toirt an dà chuid fiosrachadh is spreagadh do sgoilearan agus tha am brath-ullachaidh a’ brosnachadh seòrsa sam bith de dh’aithris chruthachail, bho dhealbhan is tarraing gu sgrìobhadh cruthachail agus ceòl.
Aon uair is gu bheil an obair agaibh deiseil, sgaoil ur cuid obrach thugainn ann an dealbhan soilleir de dh’ealain lèirsinneach, air neo cuir faidhlichean le teacsa, stuth-èisteachd no bhideo rin taisbeanadh is meas thairis sir Seachdain na Gàidhlig (21 gu 27 Màrt). Bidh obair air a taghadh cuideachd ga taisbeanadh ait tachartasan Seachdain na Gàidhlig nas fhaide sa Mhàrt. Chòrdadh e rinn gu mòr cuideachd nan sgaoileadh sibh dealbhan den chlas rin taisbeanadh air làrach-lìn agus seanailean mheadhanan sòisealta CHARTS. Nach cuir sibh faidhlichean-obrach nan Sgoilearan (cho math ris na foirmean-cead nan cois) gu kirstenm@chartsargyllandisles.org ro 17 Màrt leis an ainm ‘Pasgan Gàidhlig Earra-Ghàidheal + sgoil’. Airson ceistean sam bith eile mu Phròiseact Gàidhlig nan Sgoiltean, nach cuir sibh fios gu Manaidsear an Dualchais Pamela Chaimbeul: pamela@chartsargyllandisles.org
/
For the Argyll Gaelic Gathering 2022, The Argyll and Isles Culture Heritage and Arts Assembly (CHARTS) have put together an art competition pack for Secondary School Pupils. The pack aims to promote learning and engagement of Argyll Gaelic, by looking at how language is embedded within our landscape.
The pack presents both information and inspiration for pupils and the brief encourages any form of creative expression, from photography and drawing to creative writing and music.
Once the activity has been completed, please share your work with us by sending clear photos of visual art, or send text, audio, or video files for presentation and judging over World Gaelic Week (21st-27th March). Selected works will also be on display at Gaelic Week events later in March. We would also love you to share photos of the class with their works to be displayed on the CHARTS website and social media channels. Please submit work files (as well as consent forms) to kirstenm@chartsargyllandisles.org by March 17th labelled ‘Argyll Gaelic Pack + school name’. Any further questions involving the Gaelic Schools Project please contact Heritage Manager Pamela Campbell: pamela@chartsargyllandisles.org