Credit Kirsten Millar

Celebrating Gaelic in Argyll / A’ Comharrachadh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal

A’ Comharrachadh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal

Sa Mhàrt mus bi Seachdain na Gàidhlig ann (a’ tachairt 21 gu 27 Màrt 2022), tha sinn a’ cur pasgan digiteach de ghoireasan air bhog airson clann nam Bun-sgoiltean is nan Àrd-sgoiltean. Tha sinn air dol ann an com-pàirteachas ri Leasachadh Gàidhlig/Dealbhadh is Leasachadh Choimhearsnachdan aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, gus pasgan chur-seachadan a chur ri chèile do na bun-sgoiltean is na h-àrd-sgoiltean le chèile air feadh Earra-Ghàidheal gus cànan, bàrdachd is sgeulachdan na Gàidhlig a chur air adhart. Tha seo air taic fhaighinn bho Heritage Horizons, pròiseact le CHARTS ann an com-pàirteachas ri Fòram Thaighean-tasgaidh is Dualchais Earra-Ghàidheal is Bhòid, a’ cur ris a’ chothrom air a’ Ghàidhlig do dhaoine òga.

 

Thèid obair leis a’ chloinn a thaisbeanadh ri linn comharrachadh Seachdain na Gàidhlig far am bi CHARTS a’ cur cuideam air raon phròiseactan Gàidhlig ann an tachartas nan soillseachaidhean againn ga chumail aig Pàirc na Dìthreibh air 24 Màrt.

 

Tha na pasganan seo de ghoireas digiteach a’ toirt seachad cothroman air ionnsachadh agus cur-seachadan thairis air trì buidhnean-aoise:

 

  • Bun-sgoil 1 gu 3 
  • Bun-sgoil 4 gu 7
  • Àrd-sgoil 1 gu 3 

 

Tha sinn a’ toirt cuireadh do sgoiltean a’ gabhail pàirt anns gach seòrsa an cothrom fhaighinn an obair aca a thaisbeanadh agus dol an sàs anns an fharpais againn ri linn Seachdain na Gàidhlig . Thèid duaisean eàrlasan Comhairle nan Leabhraichean a bhuileachadh airson gach buidheann-aoise:

 

  • 1mh duais = Eàrlas Comhairle nan Leabhraichean £20

 

  • 2mh duais = Eàrlas Comhairle nan Leabhraichean £15

 

  • 3mh duais = Eàrlas Comhairle nan Leabhraichean £10

 

Is e an ceann-là mu dheireadh gus cur a-steach dhan fharpais 5f 17 Màrt 2022

Gus obair na sgoile agaibh a chur a-steach, cuir dealbhan de na taisbeanaidhean is den obair-chollage agaibh ann am post-dealain gu: kirstenm@chartsargyllandisles.org ro 5f 17 Màrt leis an ainm ‘Pasgan Gàidhlig Earra-Ghàidheal’. Airson ceistean sam bith eile mu Phròiseact Gàidhlig nan Sgoiltean, nach cuir sibh fios gu Manaidsear an Dualchais Pamela Chaimbeul:  pamela@chartsargyllandisles.org

 

Tha sinn a’ gabhail fadachd ris an obair agaibh fhaicinn!



Celebrating Gaelic in Argyll

To celebrate Seachdain na Gàidhlig / World Gaelic Week, 21-27 March 2022, we are launching a digital arts resource pack for Primary and Secondary School pupils in partnership with Gaelic Community Development, Argyll & Bute Council. This aims to promote Gaelic language, poetry and storytelling and has been supported by Heritage Horizons, a CHARTS project in partnership with the Argyll & Bute Museum and Heritage Forum, increasing access to Gaelic for young people. 

 

Work produced by pupils will be displayed during the celebration of Seachdain na Gàidhlig World Gaelic Week, including when CHARTS will be highlighting a range of Gaelic projects at a special event held to be held at Hermitage Park, Helensburgh on 24 March. 

 

These digital resource packs aim to provide learning opportunities and activities across three age groups:

 

  • Primary 1-3 
  • Primary 4-7
  • S1-3 

 

We are inviting schools participating in each category the opportunity to have their contributions displayed on the CHARTS website, highlighted during Gaelic Week and for schools to take part in our competition during Seachdain na Gàidhlig . Prizes of Gaelic Book Council tokens will be awarded for each age group:

 

  • 1st prize = £20 Gaelic Book Council Token

 

  • 2nd prize = £15 Gaelic Book Council Token

 

  • 3rd prize = £10 Gaelic Book Council Token

 

How to Take Part

 

The deadline for submissions to the competition is 5pm 17th March 2022

To submit your schools’ work, email photographs of your displays and collages attached to an email. Please forward these to kirstenm@chartsargyllandisles.org.

Please label your email, alongside your school name with ‘Argyll Gaelic Pack’ and provide attachments or digital links for us to access your artwork.

 

For any further questions involving the Gaelic Schools Project please contact Heritage Manager Pamela Campbell: pamela@chartsargyllandisles.org or contact Kirsten, as above directly.

 

We can’t wait to see your work!

 

Heritage Horizons