Cuairt Chaluim Chille St Columba Travels To Kilmartin Opening 2024 Credit CHARTS

Cuairt Chaluim Chille Mhàrtainn // St Columba Travels to Kilmartin

Cuairt Chaluim Chille Ìle // St Columba Travels to Islay

(English Below)

Air iasad bho Thaigh-tasgaidh Sgìre Thìr Chonaill, Éirinn, tha Cuairt Chaluim Chille a-nis air a taisbeanadh ann an Alba. Chaidh an turas seo fad bliana a chur air bhog ann an Ceann Loch Chille Chiarain mus deach e a-null gu Ionad Gàidhlig Chaluim Chille Ìle.

San fheasgar 30mh den Mhàirt, chuir CHARTS fàilte cheolmhor, ioma-chànanach air an taisbeanadh do Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn a chaidh ath-thogail às ùr bho chionn ghreis.  Ré an fheasgair, thug ar n-aoighean seachad seanchas: òrain, sgeultan ’s ceòl air son an fheadhainn a bha an lathair.

 

Am measg na bh’ ann de sheanchas:

Fàilte bho Oifigear Cultair Ghàidlhig Àdhamh Ó Broin

Sgeulachd, òrain ’s pìobaireachd bho Sheumas Domhnallach

Sgeulachd ’s òrain bho Àdhamh Ó Broin, Caoimhe Ní Bhroin ’s Saorsa Ní Bhroin

Ceòl air lethbhreac de sheann chlàrsach le Aoibheann Devlin

Beul-aithris ’s bàrdachd bho Dhéaglan Ó Doibhlin

 

Tha Cuairt Chaluim Chille ga cruthachadh le Còmhdhail Cultair, Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal  agus nan Eilean (CHARTS), le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Chaidh an com-pàirteachas dàna seo eadar Earra-Ghàidheal agus Èirinn a chur air chomas le taic còmhla bho  Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge gus cur ris na ceanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba a dh’èirich à bliadhna Chaluim Chille 1500.  Buidheachas gu sònraichte  airson taic Taigh-tasgaidh Sgìre Thìr Chonaill agus Roinn Turasachd, Cultair, Ealainean, Gàidhealtachd, Spòrs agus nam Meadhanan.

Cuairt Chaluim Chille Mhàrtainn // St Columba travels to Kilmartin blog

Cuairt Chaluim Chille Ìle // St Columba Travels to Islay

On loan from Donegal County Museum, Ireland, Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba began its year-long tour throughout Argyll and Bute, arriving in Scotland for the first time last June 2023 and has since been displayed at Campbeltown Museum and the Islay Gaelic Centre.

On the evening of 30 March, CHARTS celebrated the arrival of Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba Tour at the newly refurbished Kilmartin Museum, with an atmospheric multilingual evening. Throughout the evening, our performers shared Gaelic lore, songs, and music with our guests.

 

Performances included:

Welcome by CHARTS Oifigear Cultair Ghàidhlig Àdhamh Ó Broin 

Tales, songs and bagpiping by Gaelic Tradition Bearer Seumas Domhnallach (James MacDonald Reid) 

Song and stories from Àdhamh Ó Broin, Caoimhe Ní Bhroin and Saorsa Ní Bhroin

Music played on a modern copy of the Downhill Harp by Aoibheann Devlin

Lore and poetry from Irish tradition bearer Déaglan Ó Doibhlin

 

Find out more about the arrival of the St Columba exhibition at Kilmartin and our performance connection to land and language

 

Cuairt Chaluim Chille //  Touring St Columba is hosted by CHARTS, supported by Argyll and Bute Council. This bold project partnership between Argyll and Ireland is made possible with joint support from Bòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge to build from relationships grown during the themed year Colmcille 1500.  A special thanks to the support of Donegal County Museum and the Department of Tourism, Culture, Arts, Gaeltacht, Sport and Media.