Gaelic
Tha Seán na neach-soillsidh agus na fhurastaiche-ealain sa choimhearsnachd stèidhichte ann an Glaschu, agus e à taobh an iar na h-Èireann bho thùs. Le cuideam air guth nas làidire a thoirt do choimhearsnachdan iomallach, bidh Seán a’ toirt beatha do charactaran agus sgeulachdan tron ealain aige. Tha e air co-obrachadh a dhèanamh le raon farsaing bhuidhnean-carthannais, bhuidhnean-ealain agus ionadan-eachdraidheil eadar ionadail is nàiseanta, NHS Lodainn, Òigridh LGBT na h-Alba, Taigh-tasgaidh Dhùn Èideann, Ionad-ealain Baile Dhùn Èideann, Caisteal Lauriston, The Kelpies, agus mòran a bharrachd eile nam measg. Ged nach eil Gàidhlig na h-Alba aige bho dhùthchas, tha Seán, a chaidh a thogail le Gàidhlig na h-Èireann, ar a bhith ag obair le mòran luchd-cruthachaidh Gàidhlig, a’ lorg dhòighean gus conaltradh is ceangal a dhèanamh tro rùn coitcheann. Tha obair Sheáin cuideachd a’ gabhail a-steach a’ furastachadh sheiseanan-ealain do bhuidhnean air an iomall, daoine niùro-iomadach, daoine aosta, daoine air a bheil cor slàinte-inntinn a’ cur, agus daoine air a bheil leòn na h-eanchainn (ABI).
Image: Somewhere Cover. Credit Seán Casey