DSC_0758.jpg
Screenshot 2020-09-02 at 22.38.13.png

Fàgail Hiort / Leaving St. Kilda / Online Exhibition

Posted by Rhona Dougall

Location

Oban and Lorn

Date

28/08/2020 12:00 - 27/08/2021 23:00

Website

d Visit website

Cost

FREE

’S e pròiseact ealain ionadail a th’ ann am Fàgail Hiort, le luchd-ealain, sgrìobhadairean agus luchd-ciùil à Latharna agus às a’ Mhorbhairne, ’s e a’ comharrachadh 90 bliadhna o fhalmhachadh Hiort.

Air 29 Lùnastal 1930 thàinig am bàta falmhachaidh H.M.S. Harebell o Hiort a-steach an toiseach aig Loch Àlainn agus an uair sin aig an Òban.

Mar mhuinntir nan àitichean sin aig a bheil ùidh san eachdraidh ionadail againn agus anns na cuspairean co-cheangailte ri sgeulachd Hiort, bha sinn airson an ceann-bliadhna seo a chomharrachadh ann an dòigh chruthachail. Tha sinn air a bhith a’ rannsachadh nan diofar pàirtean de sgeulachd Hiort agus ged nach eil ceangal dìreach no follaiseach aig gach pìos ealain ris, ‘s e sin a tha air an cùl.

Cha robh sinn ag amas air cunntas pungail eachdraidheil leis a seo; gheibhear sin o leithid Iain Thornber, sàr-eòlaiche eachdraidh na Morbhairne (Movern Lines, Oban Times), air neo bhon iomadach leabhar a chaidh a sgrìobhadh mu Hiort. Sa phròiseact seo, tha sinn ag èisteachd ris a’ mhac-talla agus a’ lorg nan snàithean eadar daoine, àite, sgeulachdan agus cuimhne.

- - -

Leaving St. Kilda is a local art project by artists, writers and musicians from Lorne and Morvern marking 90 years since the evacuation of St. Kilda.

On 29 August 1930 the evacuation boat H.M.S. Harebell left St. Kilda and arrived first at Lochaline and then at Oban.

As folk from these communities who have an interest in our local history and in the themes connected to the St. Kilda story, we wanted to mark this anniversary in a creative way. We have been researching the different parts of the St. Kilda story and though there isn’t a direct or obvious connection to that in each of the artworks, that is what has inspired them.

We have not sought to present a precise historical account here; that is available from others such as Iain Thornber, the very knowledgeable Morvern historian (Morvern Lines, Oban Times), or from the many books that have been written about St. Kilda. In this project, we are listening to the echoes and tracing the threads between people, place, stories and memory.

Online, Fàgail Hiort / Leaving St. Kilda website, fagailhiort.com , Online, PA34 4PP,

Go to booking